A' Bhanarach Dhonn A' Chruidh

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
A bhanarach dhonn a' chruidh,
Chaoin a' chruidh, dhonn a' chruidh,
Cailin deas donn a' chruidh,
Cuachag an fhàsaich.


A bhanarach mhìogach,
'S e do ghaol thug fo chìs mi;
'S math thig làimhainnsa sìoda
Air do mhìn bhasan bàna.

'S mór bu bhinne bhi t'éisdeachd,
'N àm bhith bleoghann na spréidhe,
Na'n smeòrach 'sa chéitean,
Am bàrr géig ann am fàs-choill.

Ceòl farasda, fìor-bhinn,
Fonnmhor, farumach, dìonach,
Sheinn an cailin donn, fìnealt,
Bheireadh bìogadh air m'àirnean.

Ged a b'fhonnmhor an fhidheall,
'S a teudan an righeadh,
'S e bheireadh danns' air gach cridhe
Ceòl nighean na h-àirigh.

Tha deirg agus gile
Gleachd an gruaidhean na finne;
Beul mìn mar an t-siris
D'am milis thig gàire.

Deud snasta na rìbhinn
Snaidhte cruinn, mar na dìsnean;
Gur h-i 'n donn-gheal ghlan, smìdeach
Is ro-mhìog-shuileach fàite.

Chuireadh moill' air mo léirsinn,
Am maduinn-dhriùchd chéitein,
Na gathannan gréine
Thig bho 'teud-chul cas fàinneach.

'S ciatach meallan na gruagaich
Ri bleoghann cruidh ghuaillfhionn,
A' toirt tormain air cuachaig
'S bodhar-fhuaim aig a clàraibh.

'S taitneach siubhal a cuailein,
'Ga crathadh m'a cluasan,
A' toirt muidh air seid-luachrach
An tigh-buaile 'n gleann-fàsaich.

A muineal geal, bòidheach,
Mu'n iathadh an t-òmar;
A dhath fhéin air gach seòrsa
Chitheadh dòrtadh troimh bràighe.

Dà mhaoth-bhois bu ghrinne
Fo'n dà ghàirdean bu ghile;
Nuair a shìnt' iad gu h-inealt,
Gu sinean cruidh fhàsgadh.

Gu'm bu mhòthar mo bheadrach
Teachd do'n bhuaile mu eadradh;
Séimh, sult-chorpach, beitir,
'S buarach ghreasad an àil aic'.

Glac gheal a b'àrd gleadhar,
Stealladh bainne 'n cuaich bhleoghainn,
Seinn nan luinneag bog, seadhach,
Ann an gobhal na blàraig.

Nuair a thogadh tu bhuarach,
Cuach is currusan na buaile,
B'ao-choltach do ghluasad
Ri guanaig na sràide.