A Chaluim Bhig
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
A Chaluim bhig, a Chaluim bhig, a Chaluim 's tu fo chùram,
'S e thigeadh dhut bhith d'earalas is d'air' thoirt air an iùbhraich;
B'e siud an turas carraideach nan cailleadh tu do chùrsa,
'S cha b'fhuilear do'n dubh-lunndaich na siùil a bhith làn.
Nuair dh'èirich thu sa' mhadainn anns a' chamhanaich bha fèath ann;
Dol seachad Port an Tobair, bha thu togarrach 'ga feuchainn;
Bu chinnteach bha mise dheth gum bitheadh tu sna liadhan
Mu'm fuaradh i 'n Liathanach beulaibh Loch Làthaich.
Cha b'iongnadh i bhith caranta air bharraibh nan tonn uaine;
Bha fiodhaich math 's na saithean aic' is darach anns an ruadh-bhòrd;
Bha tàirnean air an sparradh ann, 'gan teannachadh le cruaidh-òrd,
Is rogha 'n iarainn Shuainich bho gualann gu sàil.