A Fhleasgaich Uasail
[Séisd:]
A fhleasgaich uasail, ha ri ha hò,
A fhleasgaich uasail, hò rò a hì,
A fhleasgaich uasail an leadain dualaich,
Tha mi fo ghruaim bho'n là dh'fhàg thu mi.
Tha thu 'nad shìneadh, a Mhàiri bhàn,
Tha thu 'nad shìneadh air leabaidh làir,
'S truagh a Rìgh nach mi bha sìnte,
Ri d'mhuineal mhìn-gheal ach thu bhi slàn.
'S iomadh àit' anns an robh mi sealg,
Mun d'fhuair mi aodach nan daoine dh'fhalbh,
Mun d'rinn mi fhaotainn, gun d'rinn mi 'n caoineadh,
Chuir mi naoinear an aon sloc mharbh.
'S iomadh àit' anns an robh mi riamh,
Agus bòrd aig na ghabh mi biadh,
Agus bocs' as na ghabh mi snaoisean,
'S Beurla aotrom a labhrar rium.
'S iomadh cuan air an robh mi tinn,
Agus mairds air an robh mi sgìth,
Agus oidhche 'nam shuidh' aig "shanntaidh",
Far an robh na Frangaich an arm a' rìgh.
'S lìonmhor té chuir dhomh léine dlùth,
Agus grùdair a rinn dhomh leann,
Agus griasaiche rinn dhomh brògan,
Mun d'chuir mi 'n còta seo umam riamh.
'S iomadh gòraiche rinn mi riamh,
Agus stop as na dh'òl mi diol,
Agus Nollaig a bha mi sona,
Gur h-e 'm pòsadh a ghleidh dhomh ciall.