A Fhleasgaich Uir, Leanainn Thu
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
A fhleasgaich ùir, leanainn thu
Fhir a' chùil bhòidhich;
A fhleasgaich ùir, leanainn thu.
'S mi gun rachadh ad choinneamh
Air mo bhonnaibh gun bhrògan.
Air bonnaibh mo chasan
Ged bhiodh clachan 'gan stròiceadh.
Ged bhiodh reothadh glé chruaidh ann,
Sneachda fuar air a' mhòintich.
Fhir nan camagan donna
Rinn mi coinneamh glé òg riut.
Dh'fhalbhainn air muir no tìr leat
Gu ruig crìoch na Roinn Eòrpa.
Ach guidheam gu slàn thu,
Gach là fhad 's is beò mi.