A Mhaighdean Og Nam Meall-Shùilean
A mhaighdean òg nam meall-shùilean,
Gur òg thug mi mo ghealladh dhuit;
Nam faighinn thu le toil na cléir’,
Chan iarrainn spréidh no earras leat.
A mhaighdean òg nam meall-shùilean.
Sgrìob a thug mi ‘n bhaile seo,
Cha robh an sgrìob a b’aithreach leam;
Air a’ mhaighdinn tha mi ‘n tòir,
‘S cha chum an t-òr mo leannan uam.
A mhaighdean òg nam meall-shùilean.
Do ghruaidh cho dearg ‘s an caorann leam,
Do chneas cho geal ‘s an fhaoilinn leam;
‘S iomadh mais’ a th’air mo leannan,
‘S bòidheach, banail, aoibhneil i.
A mhaighdean òg nam meall-shùilean.
Chaid’linn air bheag aodaich leat
Ged b’ann air guall’ an aonaich e;
Sneachd a’ taomadh oirnn a-nuas,
‘S o thaobh an fhuaraidh thaobhainn i.
A mhaighdean òg nam meall-shùilean.
‘S ma tha thu ‘g amharc sìos orm,
‘S gu bheil mo stòras ìosal leat,
Chumainn aran riut ‘s bainne,
‘S cha bhiodh gainne sìthne ort.
A mhaighdean òg nam meall-shùilean.
Innsidh mi mar chuala mi,
Mar tha gaol nan gruagaichean,
Mar shruth bras a’ ruith gu cas,
Gur tòir e greis ‘s gu’m fuaraich e.
A mhaighdean òg nam meall-shùilean.
Their cuid de dhaoine còire rium
Nach eil ‘s a’ ghaol ach gòraiche;
Ach ‘s iomadh fear is fheàrr na mis’
A tha gun fhios fo dhòruinn leis.
A mhaighdean òg nam meall-shùilean.
‘S mur a bheil e ‘n òrdugh dhuinn,
Cha chuir an saoghal còmhla sinn,
‘S ge b’e fear a gheibh air làimh thu,
Guidheam slàint’ a’s sòlas dha,
A mhaighdean òg nam meall-shùilean.