A Mhic A' Mhaoir
[Fonn / Tune]
'S a mhic a' mhaoir,
Hiù na haoiri,
Ghaoil 's a rùin ghil,
Ho hòirionn ó, ro hò éileadh,
Hiù na haoiri.
Ghaoil 's a rùin ghil,
Hiù na haoiri, [etc.]
'S ann 's a choill mhóir
Ho hóirionn ó, [etc.]
Rinn thu 'n diùbhail:
Mharbh thu 'ghruagach
Dhualach dhubh-dhonn,
Chuir thu luaidhe
Ghlas 'na glùinean,
Chuir thu fùdar
Gorm 'na sùilean.
'S a mhic a' mhaoir
Ghaoil 's a rùin ghil.