A' Mhórag 'S na Horo Gheallaidh


[Sèisd:] 'S o hi thog i ho,
A' Mhórag 's na horo Gheallaidh,
'S o hi thog i ho.


A' Mhórag bheag a' chùil dualaich,
'S tric a luaidh a tighinn air m'aire.

A' Mhórag bheag a' chùil rìomhaich,
Dheanainn-sa do chìr a cheannachd.

Mi air chùl nam beanntan àrda,
Cha chluinn mo mhàthair mo ghearain.

Mis' a-muigh air luing 'seòlaidh,
'S mi gun dòigh air tighinn gu baile.

'N cuimhne leat an oidhch' a bha sinn
'Sa luing bhàn air bhàrr na mara.

An oidhch' ud a chaidh ur fuadach,
'S a chaidh an cuan oirnn na dheannaibh.

'Nuair a gheibh tu mach a dh'fhiadhach,
Bu throm do thriall bho'n a' bhaile.

Le d'ghunna leithe, 's le d'fhùdar,
Le gille, le d'chù na dheannaibh.

Leigeadh tu 'n damh donn a' bhùirean,
An t-fhuil a chuireadh tu air aineol.

Leigeadh tu 'n damh air a chliathaich,
Air leacannan sìos nam beannaibh.

Cha leiginn thu chrò nan caoraich
Air eagal d'aodach a shalach.

Cha leiginn thu chrò nan gobhar,
Na bhleoghainn a chruidh a's t-Earrach.