A Pheigi, A Ghràidh
[Fonn / Tune]
A Pheigi a ghràidh, 's tu dh'fhàg mi buileach gun sunnd,
'S mi seòladh an dràsd' thar sàil dh'Astràlia null,
Tha 'n oidhche fliuch, fuar, 's mi shuas ga cumail air chùrs,
'S tu daonnan 'nam smuain, a luaidh, bhon dhealaich thu rium.
Bho'n dhealaich thu rium, neo-shùnndach m'aigne gach là,
'S mi seòladh a' chuain 's gach uair gam sgaradh o d'ghràidh;
Ma thug thu dhomh fuath 's nach dual dhomh t'fhaighinn gu bràth,
Gum faic thu le d'shùil, a rùin, nach bi mi fad slàn.
Cho fad 's théid mi null bidh dùil am tilleadh a-nall
Far 'n do dh'fhàg mi mo rùn fo thùrs am baile nan Gall;
Is théid sinn le sùnnd a-null do dh'Uibhist nam beann,
Far am faigh mi ort còir le pòsadh ceangailte teann.
Ged 's maraiche mi tha sgìth a' treabhadh a' chuain,
Bho iomadach àite 's ceàrnan deas agus tuath;
Chan fhaca mi ann tè Ghallda sheasadh riut suas,
A' bhean a' chùil bhàin chaidh àrach 'n Uibhist nam buadh.