Toirt M'Aghaidh Ri Diùra
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
O hiùraibh, ì hiùraibh,
O hiùraibh, ó gheallaidh,
Bheir mi hó na hó eile,
'S e bhi réidh riut bu mhath leam.
Toirt m'aghaidh ri Diùra
'S mo chùl ri Port Ascaig,
Shìl gu frasach mo shùilean,
'S gun mo dhùil ri tigh'nn dhachaigh.
Nuair chuir iad air bòrd thu
Air long nan trì chrannaibh,
'S iomadh té bha gu tursach,
'S deòir a' sruthadh gu talamh.
Cha chreidinn o chàch e
Thu bhi fàgail a' bhaile,
Gus an robh na siùil bhàna
'Gan càradh ri crannaibh.
Bu tu leannan nan gruagach,
'S tu uasal is maiseach;
Gruaidhean meachair mar mhaighdeann,
Sùil an t-saighdeir fo d'mhalaidh.
Tha thu foghainteach làidir;
Tha thu tàbhachdach smiorail;
Dol an éideadh a' Ghàidheil,
Air an tràigh bu tu 'm meangan.
Gaol peathar, gaol bràthar,
Gaol màthar, is athar,
An gaol a thug mi cha tréig mi
Gus an téid mi 'san anart.