Ailean Muideartach

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Tha tigh'nn fodham, fodham, fodham,
Tha tigh'nn fodham, fodham, fodham,
Tha tigh'nn fodham, fodham, fodham,
Tha tigh'nn fodham éirigh.


Sud an t-slàinte chùramach,
Olamaid gu sùnndach i,
Deoch-slàint' an Ailein mhùideartaich,
Mo dhurachd dhuit gu'n éirich.

Ged a bhiodh tu fada bhuainn,
Dh'éireadh sunnd is aigne orm;
Nuair 'chluinninn sgeul a b'àite leam,
Air gaisgeach nan gnìomh euchdach.

'S iomadh maighdean bharrasach,
Dha maith a thig an earrasaid,
Eadar Baile Mhanaich,
'S caolas Bharraidh a tha 'n déidh ort.

Tha pàirt an Eilean Bheagram dhiubh,
Tha cuid 'san Fhrang 'san Eadailt dhiubh,
'S chan eil latha teagaisg
Nach bi 'n Cille Pheadair treud dhiubh.

Nuair chruinnicheas am bannal ud,
Breid caol an càradh crannaig' orr',
Bidh fallus air am malaidhean,
A' danns' air ùrlar déile.

Nuair chiaradh air an fheasgar,
Gum bu bheadarrach do fhleasgaich,
Bhiodh pìoban mór 'gan spreigeadh
Is feadanan 'gan gleusadh.

Sgiobair ri là gaillinn thu,
A' seòladh cuan nam marannan,
A bheireadh long gu calachan,
Le spionnadh glac do threun fhear.

Sgeul beag eile dhearbhadh leat,
Gur sealgair sìthne 'n garbhlaich thu,
Le d'chuilbhear caol nach dearmadach
Air dearg-ghreidh nan ceann eutrom.

B'e sud an leòghann aigeannach,
Nuair nochdadh tu do bhaidealan,
Làmh dhearg is long is bradanan,
Nuair lasadh meanm nan aodann.