Ailein Duinn
[Fonn / Tune]
Ailein Duinn, a luaidh nan leannan,
Chuala mi gun deach thu thairis.
[Séisd:]
Ailein Duinn, ò hì shiùbhlainn leat,
Hì rìri rì ó ho,
Haoireann ó ho o hì o ho,
Ailein Duinn, ò hì shiùbhlainn leat.
Chuala mi gun deach thu thairis,
Air a' bhàta chaol dhubh dharaich.
Air a' bhàta chaol dhubh dharaich [srl.]
'S gun deach thu air tìr am Manainn.
Cha b'e siud mo rogha cala,
Ach Caolas Stiadair anns na Hearadh,
No Loch Mhèabhaig anns na beanna.
Chuala mi gun deach do bhàthadh,
Gura truagh nach mi bha làimh riut,
Ge b'e sgeir no bogha 'n tràigh thu,
Ge b'e tiùrr am fàg an làn thu.
O gum pàigheadh Dia dha d'anam,
Na fhuair mi dhe d'bhriathran falaich,
Na fhuair mi dhe d'chuid gun cheannach,
Pìosan dhen an t-sìoda bhallach.