Air A' Ghille Tha Mo Rùn

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Air a ghille tha mo rùn,
Tha mo rùn air a' ghille,
Bho'n a thug thu rium do chùl,
B'e mo dhùrachd thu tilleadh.


'S ann an fhuair thu t'àrach òg
'N Apuinn bhòidheach nan gillean;
'S beag an t-ioghn' thu dh'éirigh suas
Ann an uaisle 's an grinneas.

'S meanglan thu de'n chraoibh nach lùb,
Gur tu fiùran do chinnich:
Leathannaich nach lùb 'san streup --
'S chan eil beum air a' ghille.

Falt do chinn tha dualach, dlùth,
T'anail chùbhraidh, ro-mhilis;
Dà shùil mheallach, chorrach, chiùin,
'S tu mo rùn de na gillean.

Tha thu ro-mhath air an t-sliabh,
Thoirt nan ian bharr na h-iteig;
Gunna dubh a leagadh fiadh
'S earbag riabhach an fhirich.

'S ann an Muile nam beann fuar
Tha mo luaidh dhe na gillean;
Dh'aithnichinn thu 'measg an t-sluaigh,
Leis na h-uaislean a' tighinn.