Air Faillirinn O, Hò Rì Hò Rò
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Air faillirinn ò, hò rì hò rò,
Faill il ò, mo chailin donn,
Air faillirinn ò, hò rì hò rò.
'S a' mhaduinn Di-Luain nuair bheòthaich a' ghaoth,
Bha mise 's mo luaidh a' dealachadh.
'S ged shéideadh a' ghaoth gu sgoltadh nan craobh
Gu seasamh mo luaidh 's na crannagan.
'S a' mhaduin Di-Ciadain theirig am biadh dhuinn,
Chuir iad a dh'iarraidh aran mi.
Ma shéideas i'n iar 's an aodach cho crìon,
Cha dèan i gu siorruidh cala mach.
Am muigh anns a' cheò ag iasgaireach ròn,
Bithidh nigheanan Mhic Leòid aig feareigin.
"The best of tea", 'ga cur dha'n phoit ti,
Cha chailleadh i brigh aig Ealasaid.
"The fourth of an ounce is good for a pound,
The best to be found in Halifax."