Air Fal Il O Iriag

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Air fal il ò iriag hiuraibh o hilibheag,
Fal il o iriag ò,
Air fal il ò iriag hiuraibh o hilibheag,
Fal il o iriag ò.


'S mi am shuidhe air m'uilinn air toman a' chuilinn
'S mi 'g éisdeachd ri luinneag nan eòin,
'S mi 'g éisdeachd nan druidean, nan smeòrach, 's nan uiseag,
'S gur binne na fidheall an ceòl.

Chì mi na stacan, na cnocan, 's na bacan,
'S na glacan 'san chleachd mi 'bhi òg;
Chì mi na leadain far am biodh na minn bheaga,
'S na h-uain 's iad ri cleasachd gun ghò.

Chì mi na pairceannan, chì mi na fardaichean,
Chì mi gach ailean is geòb,
Chì mi an tulaich far am bithinn 's mo chruinneig
'S far am faighinn le furan a pòg.