Alasdair Mhic Cholla Ghasda
Alasdair Mhic, ò hò,
Cholla ghasda, ò hò,
As do làimh-sa, ò hò,
Dh'earbainn tapadh, trom éile.
[Séisd:]
Chall éileadh o hì, chall o horò,
Chall éileadh o hì, chall o horò, rò,
Challa-o-haorari, chall o horo,
Haori eo ho, trom eile.
As do làimh-sa, ò hò,
Dh'earbainn tapadh, ò hò,
Mharbhadh Tighearn', ò hò,
Ach' nam Breac leat, trom éile.
Mharbhadh Tighearn', ò hò,
Ach' nam Breac leat, ò hò,
'S thìodhlaiceadh e, ò hò,
'N oir an lochain, trom éile.
'S thìodhlaiceadh e, ò hò,
'N oir an lochain, ò hò,
'S ged 's beag mi-fhéin, ò hò,
Bhuail mi ploc air, trom éile.
'S ged 's beag mi-fhéin, ò hò,
Bhuail mi ploc air, ò hò,
'S chuir sud gruaimean, ò hò,
Air Niall a' Chaisteil, trom éile.
'S chuir sud gruaimean, ò hò,
Air Niall a' Chaisteil, ò hò,
'S dh'fhàg e lionn-dubh, ò hò,
Air a mhacaibh, trom éile.