Alasdair Ùr

[Fonn / Tune]



'S muladach mi, ò hi ibh o,
O chionn seachduin, ò hi ibh o,
Aig fhad 's a bha, hao ri ho ro,
Mi gun d'fhaicinn, o hi o hao.

Aig fhad's a bha, ò hi ibh o,
Mi gun d'fhaicinn, ò hi ibh o,
Alasdair Ùir, hao ri ho ro,
Mhic 'ic Neacail, o hì o hao.

Alasdair Ùir, [etc.]
Sealgair geòidh thu, hao ri ho ro,
Ròin is eala, o hì o hao.

Bhric a nì 'n leum, hao ri [etc.]
'N fhéidh nì 'n langan, o hì [etc.]

'S nan cluinninn thu,
Thighinn na bhaile,

Ghearrainn an tràigh,
'S dheanainn astar.

Thoir soraidh bhuam
Null do dh'Àros;

Is soraidh eile
A Leitir Gheàrrloch,

Far am faighte
Na fir dhàicheil

A dh'iomradh, dh'éigheadh,
Dh'òladh, phàidheadh,

Chuireadh an chluich,
Air an tàileasg,

'S air na càirtean
Breaca, bàna,

'S air na dìsnean
Cruaidhe, chnàmha.