Allt an t-Siùcair
[Fonn / Tune]
A' dol thar Allt-an-siùcair, am maduinn chùbhraidh Chéit',
Is paidirean geal dlùth-chneap de'n driùchd gorm air an fheur;
Bha Richard 's Robin brù-dhearg ri seinn 's fear dhiu 'n a' bheus;
'S goc-mhoit air cuthag cùl-ghorm 's gug-gùg aic' air a' ghéig.
Bha 'n smeòrach cur nan smùid dhi air bacan-cùil leath' féin,
An dreathan-donn gu sùrdail, 's a rifeid-chiùil 'n a bheul;
Am bricean-beithe 's lùb air, 's e gleusadh lùth a theud,
An coileach-dubh ri dùrdan, 's a chearc ri tùchan réidh.
Na bric a' gearradh shùrdag, ri plubraich dhlùth le chéil',
Taobh-leumraich mear le lùth-chleas, a bùrn le mùirn ri gréin';
Ri ceapadh chuileag siùbhlach, le 'm bristeadh lùthmhor fhéin,
Druim lann-ghorm, 's ball-bhreac giùran, 's an lainnir-chùil mar léig.
Bùrn tana, glan, gun ruadhan, gun deathaich, ruaim, no ceò,
Bheir anam-fàs is gluasad d'a chluaineagan mu 'bhòrd.
Gaoir bheachan buidhe 's ruadha, ri diogladh chluaran-òir,
'S cìr-mheala 'g a cur suas leò 'n céir-chuachagan 'n an stòir.
Gur seolas an ceòl-cluaise àrd-bhàirich buair mu d'chrò;
Laoigh cheann-fhionn, breac, is ruadha, ri freagradh nuallan bhò;
A' bhanarach le buaraich, 's am buachaill' dol 'n an còir,
Gu bleoghann a' chruidh ghuaill-fhinn air cuaich a thogas cròic.