Am Bràighe


[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Na cnuic 's na glinn bu bhòidhche leinn
'S iad cnuic is glinn a' Bhràighidh,
Mu'n tric bha sinn ri mànran binn,
'S a chomunn ghrinn a b'fheàrr leinn.


Chan eil àit' an diugh fo'n ghréin,
'S am b'fheàrr leam fhéin bhi tàmhachd,
Na Bràigh' na h-Aibhne measg nan sonn
O'm faighte fuinn na Gàidhlig.

Do bhruachan gorm 's am faighte spréidh,
Do ghlacan réidh gun àireamh,
Mar uachdar thonn, 's an soirbheas trom,
A' ruith gu bonn nan àrdbheann.

Gur pailt gach flùr a' fàs gu dlùth
Air maduinn chùbhraidh Mhàigh ann;
'S bidh ceòl nan ian gu fonnmhor, dian,
'Nuair thig a' ghrian le fàilt' ann.

Bidh sruthain fhuar de uisge glan
A' brùchdadh mach mu ràth'dean;
Bidh crodh is caoraich pailt ri'm faotainn
Feadh nan aodann àrda.

Gur binn leam ceòl na h-aibhne móir',
'S i falbh an glòir a h-àilleachd;
Cho fad 's a shiùbhlas i gu cuan
Cha toir mi fuath do'n Bhràighidh.

Gur lìonmhor fear ag iasgach bhradan
Mu do chladaich bhàna;
Daoin-uaisle Shasuinn tighinn a-nall
Chur seachad samhraidh làmh riut.

Air gach frolig, bàl is banais
Gum bi caithream gràdhach;
Le ceòl na fìdhle dol 's an rìghlidh,
Cosg na tìm mar b'àill leinn.

'S iomadh fleasgach làidir, grinn,
Chaidh anns na glinn so àrach,
Is maighdeann glé ghlan, dhìreach, òg,
Le h-aodann bòidheach, nàrach.

'S i 'n ainnir dhonn as binne fonn
A choinnich rium Di-màirt ann,
A thug fo chìs gu daingeann mi --
Mo shòlas crìdh' bhi làimh rith'!

Do chòmhradh ciùin tha tighinn fo m'aire,
Rìbhinn bhanail, bhàidheil;
Gun d'fhuair thu buaidh bho Nàdur fhéin
A chuir mór spéis 's gach àit' ort.

Soraidh leis a' chomunn rìoghail
Bho'n is tìm dhomh 'm fàgail;
Gur tearc ri'm faotainn feadh an t-saoghail
An diugh daoin' bheir bàrr orr'.