Am Maistreadh a bh'aig Moire

[Fonn / Tune]



Am maistreadh a bh'aig Moire
Air ùrlar a' ghlinne
A' meudachadh an ìme
'S a lughdachadh a' bhainne.

[Séisd:] Thig, a chuinneag, thig
Blàthach gu dòrn, 's ìm gu uilinn,
Thig, a chuinneag, thig.

Tha glug an seo, tha glag an seo,
Tha glag an seo, tha glug an seo,
Tha rud as fheàrr na chòir an seo
Tha rud nas fheàrr na fìon ann.

Tha glug an seo, tha glag an seo,
Tha seilcheag mhòr air bhog an seo
Tha làn cuman Cairistiona
Do dh'ìm brèagha buidh' againn.

Thig an lòn, thig an smeòr,
Thig an ceò às a' bhruth,
Thig a' chuthag, thig a' cheathag,
Thig an fhosgag adhair.