An Cluinn Thu Mi, Mo Nighean Donn
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
An cluinn thu mi, mo nighean donn,
Dèan éisd is thoir an aire dhomh,
Tha móran dhaoin’ sa’ bharail seo
Gur òg an leannan dhomhs’ thu.
Is ged bu liath mo chiabhagan,
Na cuireadh sin fo iarguinn thu,
Chan eil mi sean am bliadhnachan,
‘S bu mhiann leam bhi ‘nad chòir-sa.
Thar chuantan mór gun seòlainn-sa
Is bheirinn dhachaidh stòras dhuit,
Is bithidh tu gu dòigheil leam,
Ri d’bheò ma tha thu deònach.
Nis sguiridh mi bhi ‘m sheòladair
‘S air tìr gun fan mi còmhla riut,
O’n ‘s fhad ‘sa tha mi eòlach ort
Bu bhòidheach leam do dhòighean.
Nis ‘s aithne dhuit mo dhòighean-sa
Gun chuir mi cùl ri gòraiche,
O thig a ghaoil ‘s dean còrdadh rium
‘S le deòin gun téid sin còmhla.