An Cluinn Thu, Leannain

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
An cluinn thu, leannain, an cluinn thu,
An cluinn thu idir, an cluinn thu,
An cluinn thu, leannain, an cluinn thu,
Mar tha mi gu tinn gad ionndrainn?


Mo chion air an ainnir 'si bean a' chùil bhàin
D'an tug mi 'n gaol falaich nach fannaich gu bràth;
Bu tu mo cheud leannan gun aithne do chàch,
'S tha mise fo phràmh gad ionndrainn.

'S e t'iomhaigh is ceòl dhomh gach Dòmhnach a's Luain,
'S tu cuspair mo smaointeanan faoin gach uair;
'Se mhaise tha d'aodann a chaochail mo shnuadh,
'S a dh'fhàg mi gun luaidh air sùgradh.

'S truagh nach robh mise fo shileadh a' cheò
Còmhla ri m'leannain an gleannan an fheòir;
Chan iarrainn a dh'ìocshlaint ach brìodal do bheòil,
Oir 's mìlse do phòg na 'n siùcar.

Seall air a' ghealaich air aghaidh nan speur,
Nach caochail a cùrsa measg dùmhlas nan reul;
Mar sin tha sìor iomairt mo chridh' as do dhéidh,
Bhon tug thu fo ghéill air tùs e.

Tha caoin-shlios mo leannain mar eal' air a' chuain,
Nas gile na'n fhaoileann air aodann nan stuadh;
Mar shneachd air na beannaibh, mar chanach nam bruach,
'S i farasda suairc 'na giùlan.