An Cluinn Thu, Mo Nighean Donn (II)

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
An cluinn thu, mo nighean donn?
Éisd is thoir an aire dhomh;
Tha móran a's a' bharail
Gura h-òg an leannan dhomhs' thu.


Gur mise bha gu cianail dheth
Gun chomunn ach na h-iasgairean,
A h-uile fear cho gnìomhach
Aig a lìon 'ga chur an òrdan.

Nuair theirig ar cuid salainn dhuinn
'S a lìon sinn ar cuid bharaillean,
Bha 'n t-àm againn bhith tarruinn
As a' chala robh sinn eòlach.

Dol seachad Rudh' a' Cheannaiche
Bha ghaoth o'n iar 's bu shalach i;
Bha tàillear ann, 's bu smiorail e,
Gu tarruinn air na ròpan.

Dol seachad Rudha Réidhrige
Bha 'n fhairge ris na sléisdean aic',
'S gun òlainn slàinte 'n Éireannaich
A chuir ri chéile 'bòrdan.

Nis fhuair sinn i dhan acarsaid
'S a h-uallach air a h-acraichean:
Bu chruaidh an cridhe bhacadh dhuinn
Dhol tacan dhan taigh òsda.

Carson a bhiodh sinn cianail dheth,
'S sinn air tighinn dhachaidh tèarainte
Le sgadan mar bu mhiannach linn?
Seo, chailin, lìon a' stòp dhuinn!