An Dubh-Ghleannach

[Fonn / Tune]



Latha dhomh 's mi 'n cois na tràghad
Chuala mi caismeachd nan Gàidheal.
Dh'aithnich mi meòir grinn a Bhràthaich
Air siunnsair ùr bu lùghor gàirich.
Is thuig mi gu'n a ghluais an t-armunn,
Fear thogail nan tùr uasal, stàtail,
'S i 'n Dubh-Ghleannach a bh'ann.
Ho ro ghealladh, no cò chuireadh i
Trom oirre seinn.

Bu mhiann leam sunnd nam port eallanta
Bu chonnabhallach ùrlar is garraidhean,
Dionach, lùghor, dlù, neo-mhearachdach --
Tionndadh nan siubhlaichean caithreamach,
Dhùisgeadh lùgh na smuis 's na carraidean,
Dùthchas nan lann dubh-ghorm tana dhiubh.
'S i 'n Dubh-Ghleannach a bh'ann, [srl.]

Dhirich mi 'm bruthaich le h-aoibhneas
Dh'éisdeachd ri fàilte Rìgh Seumais,
Chunna' mi 'n Druimineach dhubh, ghleusda,
Cuir fa sgaoil a h-aodaich bréid-ghil
Air machair mhìn, sgiamhach, réidhleach,
Mar steud cruitheach -- 's i 'cuir réise,
'S i 'n Dubh-Ghleannach a bh'ann, [srl.]

Chunna’ mi ‘n Druimineach dhubh, dhealbhach,
Long Alasdair ghlinnich nan garbh-chrioch,
Mar steud rioghail air bhàrr fairge,
Togail bho thìr le sìoda balla-bhreac,
Suaicheantas rioghail na h-Alba,
Ghluaiseadh na mìltean gu fearra-ghleus.
'S i 'n Dubh-Ghleannach a bh'ann, [srl.]

Nuair ghabhaidh i ‘m fuaradh na sliasaid,
‘S gualla ‘n fhasgadh chasadh dian ris,
Ghearradh i ‘n linn’ air a fiaradh,
‘N aghaidh gaoithe, siud a’s lionaidh,
Dh’éignich i Corran an diarrais,
‘S leum i air iteig mar ian as!
'S i 'n Dubh-Ghleannach a bh'ann, [srl.]

Nuair gheibheadh i cliathaich fo fhars’neachd,
Soirbheas na sliasaid ga brosnachd,
Mar shiubhladh mial-chù bras-astrach,
Na ruith air sliabh a’s fiadh air thoiseach,
I dìreadh nan tonn liath ‘s ga’n sgoltadh,
Shnaitheadh i iad mar iarunn locrach,
'S i 'n Dubh-Ghleannach a bh'ann, [srl.]

Mhionnaich Neptune agus Aeolus,
Bhon chaidh gaoth a’s cuan fo’n òrdugh,
Nach do mhaslaicheadh cho mór iad,
Bho linn na h-Airc a bha aig Noah,
Gu robh ‘n rìgh is àirde còmhnadh,
Dìon ‘s a sàbhaladh Chloinn Dòmhnuill.
'S i 'n Dubh-Ghleannach a bh'ann, [srl.]

Bha Neptune agus Aeolus eudmhor --
Dh’iarr iad builg nan stoirm a shéideadh,
Dh’òrdaich iad gach bòrd dhi reubadh,
‘S na siùil a stracadh na’m bréidean,
Le borb-sgread a’s fead na reub-ghaoith,
‘Cuir siaban thonn na steoll ‘s na speuran.
'S i 'n Dubh-Ghleannach a bh'ann, [srl.]

Thòisich ùr-spàirn chruaidh mar dh’iarr iad,
Chruinnich neòil dhubha na h-iarmailt,
Na’n trom-lùirichean dlù iargalt’,
‘S iad a trusadh sùrd ‘sa lìonadh
Mar dhroch smùid à fuirneis iaruinn.
Gu bruchadh stoirm bha garbh is fiadhaich.
'S i 'n Dubh-Ghleannach a bh'ann, [srl.]
‘N earalas fo làimh air gabhaidh
Chuir sibh an ceann i gu dàna;
Gach cupall a’s stagh ‘s an robh failinn --
Sparradh buill thaghta n’an àite;
Slabhraidhean canach air fàraidh.
Theannaich sibh gu daingeann làidir.
'S i 'n Dubh-Ghleannach a bh'ann, [srl.]

Bheartaich iad gach ball neo-chearbach,
Ullamh, deas gu gleachd ri fairge;
Tharruing i le gaoith an earra-dheas
Ghlac i ‘n caol fo’ taobh ‘s bu doirbh e,
‘S ged bha Neptune saoithreach, stoirmeil,
Mhaslaich an saobh-shruth ‘s an dorch e!
'S i 'n Dubh-Ghleannach a bh'ann, [srl.]

Nochd an dubhair gnùis gun chaoimhneas,
Sgaoileadh cùirtearan na h-oidhche;
Sgioba na h-iubhraich an gainntir
O’n chiad dùil gu cur Dùn-aoibhneis
Phàisg iad trian gach siùil gu teann-chruaidh,
A’s las iad ri cairt-iùil na coinnlean.
'S i 'n Dubh-Ghleannach a bh'ann, [srl.]

Iomradh slàn do Chaiptein Alasdair,
Le sgioba tàbhachdach, bearraideach,
Bu mhiann leam fàilt’ ur càirdean dealai’ dhuibh,
Calla sèamh bho ghàbhadh mharanan,
Coinnidh bhàigheil bhlàth gach caraid dhuibh,
Pòg bhur màthar, mhna ‘s bhur leannan duibh.
'S i 'n Dubh-Ghleannach a bh'ann, [srl.]

Chaidh rìgh nan soirbheas gu dhùlan,
Aig miad na strannaraich ‘s na h-ùpraid;
Dh’fhosgail na builg air na cùlthaobh
Mu’n gann a fhuair iad an dùnadh.
Bha Maighdeann nam Mór-bheann cùirteil,
An acarsaid fo shròin na dùthcha!
'S i 'n Dubh-Ghleannach a bh'ann, [srl.]


[Alasdair Mac Fhionghuin]