An Fhideag Airgid


[Fonn / Tune]



Cò sheinneas an fhideag airgid?


Hò rò hu-a hu ill ò
I rill ù hill ò rò


Cò theireadh nach seinninn fhìn i?

Cò theireadh nach seinneadh, seinneadh,

Sheinneadh i Mac Leòid 's Mac Coinnich!

Mac mo rìgh-s' dol gu fairge,

Dèanamh deas gu tighinn a dh'Alba,

Air long mhóir air bhàrr na fairge,

Air long mhór nan trì chrann airgid,

Air long rìomhach nam ball airgid.

Chan bhuill ghaoisne, cha bhuill cainbe,

Sreanganan dhan t-sìoda Fhrangach,

Ulagan òir air geann ceann dhiubh,

Nuair thig mac mo Rìgh gu fearann,

A' cur fàilt' air Mac 'ic Ailein,

'S air ceann-fheadhna Ghlinne Garann,

'S air Mac Dhòmhnaill Mhór na Ceapaich,

'S air Mac Dhòmhnaill Dhuibh Loch Abar,

Nìtear le Clann Dòmhnuill banais!

Fear taighe nach fhaighte brùideil,

'S nach bi luchd-tathaich dheth diùmbach.

Nuair thig mac mo Rìgh-sa dhachaidh,

Cha b'e biadh dha breachdan teine,

Ach bacastair gu dèanamh arain,

'S fuaim na beòire 'dol 'sa channa,

Fuaim an fhìona dol 'sa ghlanaidh,

'S uisge beatha na treas tarraing,

'S branndaidh chruaidh a nuas a Gallaibh.

'S chuireadh iad na Goill gu'n dùbhlainn,

'S chuireadh iad Righ Seòras dhachaidh,

Do Hanobhar a-null fairis.

Tèarlach òg nan gormshùil meallach,

Fàilte, fàilte mùirn is cliù dhut,

Gura h-e mo chion 's mo rùn thu,

Fidhleireachd is rogha ciùil dhut.

'S clàrsach bhinn 's a cruinn 'gan rùsgadh.

Ruidhle mu seach air an ùrlar.

Cò sheinneas an fhideag airgid?

Cò chanadh nach seinninn fhìn i?