An Gille Dubh Mo Laochan
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
An gille dubh gur fad' a-muigh,
An gille dubh, mo laochan;
An gille dubh, gur fad' a-muigh,
An gille dubh, mo laochan.
Cha toirinn bainne ghobhar dhuit,
Na idir bainne chaorach,
Oir leam gur math an airidh thu,
Air bainne chruidh 's na laoigh thu.
Bidh mis' air uisg' an lònain dhuibh,
Bidh mis' air uisg' an lònain,
Bidh mis' air uisg' an lònain dhuibh,
Is bainn' a' chruidh aig Móraig.
Bidh bainn' a' chruidh aig Móraig dhuibh,
Bidh bainn' a' chruidh aig Móraig;
Bidh bainn' a' chruidh aig Móraig dhuibh
Is mis' air uisg' an lònain.