An Samhradh
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Éiribh, rachamaid do'n ghleann,
'S gu faic sinn ann na caileagan;
Éiribh, rachamaid do'n ghleann,
'S gu faic sinn ann na h-òighean.
Tha 'n samhradh cridheil éibhinn ann,
Tha tlus is blàths nan speuran ann,
Tha gathan grinn na gréine,
Air na speuran 'cur dreach òir orr'.
Tha gruagaichean cho lìonmhor ann,
Falt dualach, cuachach, snìomhach orr',
Cò shealladh air an sgiamh aca,
Nach miannachadh am pòsadh.
A' mhaise bhuilich nàdur orr'
Cha b'usgraichean 's cha b'fhàinnichean,
'S cha b'ìomhaigh bréid no tàileasgan,
Mar tha aig luchd na pròise.
Bu ghoirid cuairt na h-oidhche leinn,
Gu'n dèanadh latha soillseachadh,
A' leannanachd 's a' coimhnealachd,
'S gur fada thall bhiodh bròn uainn.