An Tàillear An Gille Laghach
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
An tàillear, an tàillear,
An tàillear, an gille laghach,
An tàillear, an tàillear,
An gille laghach sunndach.
An gille laghach lurach e,
An gille laghach sunndach e,
An gille laghach lurach e,
Thaghainn as na bh'ann e.
Nam bu mhise bhanarach,
Agus thusa 'm buachaille,
Gheibheadh càch am bainne tana
'S gheibheadh tusa 'n t-uachdar.