An Tè Bhàn 'S An Dachaidh Luachrach
A dh'aindeoin taobh as a séid a' ghaoth,
Ro chaomh leam-fhìn bho'n tuath i,
Oir 's ann tha tuineach reul mo ghaoil
'S a dh'fhàg mo shaoghal truagh dheth.
Tha m'inntinn trom, gun fonn, fo phràmh,
'S mo chridhe làn de bruaillean;
Cha cheil mi nach i ghoid mo thàmh,
'N té bhàn 's an dachaidh luachrach.
'S an Inbhir-gharaidh air Di-Màirt
An comunn àrd na h-uaislean,
Gun d' bheachdaich mi do mhìn-shùil bhlàth,
'S an dearrsadh bha 'nad ghruaidhean.
Gun d'bhuail mo chridhe uair no dhà
Le meud mo ghràidh do'n uan-gheal;
A bha leam-fhìn mar reul measg chàich,
'N tè bhàn 's an dachaidh luachrach.
Is 's ann aig coinneamh an taigh-bhall
A rinn do ghaol mo bhualadh;
Le do mhìn-shùil mheallach, sealladh caoin,
'S do ghnùis gach aon dhe'n smuairean.
Ged bha teagasg brìgheal slàn aig
Mister Lauder uasal,
Bu dheur mo shùil air duireal ghràidh,
Tè bhàn 'san dachaidh luachrach.
Is ged a tha mo stòras gann,
Gun chrodh, gun chrann air chuantaibh;
Gu leughainn dhutsa iomadh cainnt,
Gun eòl dhomh peann a ghluasad.
Gun seinninn luinneag dhut mar tha,
'S cha bhiodh mo ghràdh fo smuairean;
Gun pògainn muileagan gach là,
'N tè bhàn 's an dachaidh luachrach.
Is gur a mheudachd dhomh am pràmh
A dh'fhàg mo chadal luaineach;
Gur goirid gus an dèan mi fàgail
An t-àit' anns a bheil mo luaidh-sa.
Ged a shuibhlainn-sa gun dàil
A dh'Australia air chuantan,
Cha leig mi as mo chuimhn' gu bràth
'N tè bhàn 's an dachaidh luachrach.