An Téid Thu Leam, A Rìbhinn Og

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
An téid thu leam, a rìbhinn òg,
A rìbhinn òg, a rìbhinn og;
An téid thu leam, a rìbhinn òg,
A-null gu tìr nam beanntan?


Chì thu ‘n ròs a’ fàs fo’n driùchd,
‘S a’ mhil ag éirigh suas ‘n a smùid,
Bidh eòin nan geug a’ seinn dhuinn ciùil
Le sunnd an tìr nam beanntan.

Chì thu ‘n gleann ‘s an robh mi òg,
Nuair bha mo chridhe maoth gun ghò,
Mun d’fhuair mi eòlas riamh air bròn,
No leòn an tìr nam beanntan.

Chì thu creagan gruamach àrd,
Na neòil a’ sguabadh air am bàrr,
Bidh fuaim nan allt a’ ruith le gàir,
Gu tràigh an tìr nam beanntan.

Chì thu òighean bòidheach, ciùin,
Chaidh àrach ann an glinn mo rùin,
Gu maiseach, finealt’, glan gun smùr,
Cho ùr an tìr nam beanntan.

Gheibh thu càirdeis, blàths, is mùirn,
Is chì thu caoibhneas anns gach sùil,
Tha iochd is bàigh a’ snàmh an gnùis
Gach dùil tha ‘n tìr nam beanntan.

Tìr nam fiùrain fearail, fial,
Nach tug cùl ri nàmhaid riamh;
Bidh cliù, cho fad ‘s a dh’éireas grian,
Air iarmad tìr nam beanntan.

Ged chaidh an sgaoileadh anns gach cearn,
Air feadh gach tìr mu’n iadh an sàl,
Bidh cuimhn’ aca le aigne blàth
Gu bràth air tìr nam beanntan.