An t-Òighr' Òg

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
O hì 's na hì iù-o,
Hì ri rì 's na hì iù-o,
O hi rì 's na hì iù-o,
'S e mo rùn an t-oighr' òg.


Oighr' òig à Dùn Bheagan
Nam feadan 's nam pìoban,
'S mi gun dèanadh do fhreagairt
Le fead cinn a' mheòir.

'S e 's fasan do'n àrmann
Bhith falbh anns gach àite,
Le ghillean 's le bhàta
Bha àlainn 's gach dòigh.

Cha bhiodh ormsa bonn cùraim
Ach thu fhéin bhith 'ga stiùireadh,
Ged a bhiodh a' mhuir dhùbh-ghorm
Tighinn dlùth do'n t-slait-bheòil.

Tha ùbhlan a'd ghàrradh,
Agus peuran a' fàs ann;
Tha do chrodh air bhàrr fàsaich,
'S tha do bhàta fo sheòl.

Sguiridh mise 'gad iargain,
Bho nach fhaigh mi thu 'm bliadhna,
Ach seo mo làmh nach mi chiad té
Fhuair briathran do bheòil.