An t-Aodann Bàn

[Fonn / Tune]



Bho'n dh'fhàg mi 'n tìr 'sam b'eòlach mi,
Gur mór mo bhròn 's mo chaoidh;
Chan fhaic mi ris na cnocanan,
Na sluic agus na h-uillt;
Gur fada bho mo chàirdean mi,
Ach 's làidir iad 'nam chuimhn',
'S na guthan chiureadh fàilt' orm
An dràsda mi cha chluinn.

'S na cnocan àrda duatharrach
A shuathas anns na neòil,
Chan eil 'san tìr na's bòidhch' na iad,
Le fraoch orra mar chleòc;
'S gu'n dùin am bàs mo shùilean-sa
'S nach fhaic 's nach cluinn mi 'n còrr,
Bidh m'ùidh 'san Eilean Sgìtheanach
A dh'àraich mi o m'òig.

Nuair dheàlras grian an t-samhraidh
Air na bruthaichean a's àill',
'S a chì thu fàs na flùraichean
A's bòidhche fo na neòil,
Chan fhacas riamh leo gàrradair
No làmh cha deach 'nan còir,
Ach fàs o bhuaidh an nàdair tha
Gach tom, gach lus, gach ròd.

Is fhada bho'n an àite mi
'San d'fhuair mi m'àrach òg,
Is fhada bho'n a' Ghàidhlig mi,
A bàrdachd is a ceòl;
Cha chluinn mi bhith cur fàilt' orm
Le "Ciamar tha thu, sheòid?"
'S gu bràth mi i cha dhìochuimhnich
Gu'n càirear mi fo'n fhòid.

'S an t-Aodann Bàn, chan fhàg mi e
Gun rann chur ás a dhéidh;
Tha móran dhe mo chàirdean ann --
'S ann ás a tha mi fhéin;
Tha ann a' tàmh mo phàrantan
A thog 's a leag mo chéis,
'S cho fad' 's a bhios ann àit' aca,
Bidh àit' agam dha'n téid.