Bàta Iagain Cheanadaich
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
A bhean an taighe, fàg an siola,
Botul làn a tha mi sireadh,
Dh'òlainn deoch-slàinte nan gillean
A dh'imich Di-luain bhuainn.
'S gur e 'n Ceanadach mo nàbaidh,
'N saor as fheàrr a thogas bàta;
Chan iarr e lòcair na tàl
Ach spéicean làidir, cruadhach.
A' cheud té thog e riamh 'san àite,
Chaill e shuas aig drochaid Shàm i;
Chìte fhathast ri muir-tràigh i
'S na cruinn bhàn' an uachdar.
Tha té eil' aige 'ga cur an òrdadh,
Cha bhi a leithid anns a' Phrobhans;
Théid i fairis an Cuan Reòite
'S an "North Pole" a bhuannachd.
'S gabhaidh sinn iongantas is ìoghnadh
Nach fhacas aon do chloinn daoine;
An "North Pole" a bhith ri'r taobh
'S an saoghal a' dol mu'n cuairt dheth.
'S gum bi sinn uile cho bòsdail
An onair a bhith aig a' Phròbhans;
Ma thilleas e dhachaidh beò
'S am "Pole" aig' air a ghualainn.
A' bhliadhna a chaidh e a Labrador,
A dh'iasgach an sgadain reòidht',
'S e Mac Cuithinn bha 'na chòcair'
'S reòite leis an fhuachd e.
Nuair a thill iad far na bhòidse,
Gu robh sneachd agus gaoth reòit' ann;
Fhuair iad caball chur fo sròin
Mu'n chròic a bh'aig na fuarain.
Tha i nis air a h-insiùradh,
Fhuair iad acarsaid as ùr dhi;
Chuir iad suas i 'n sin 'nan triùir
Fos cionn an ùrlair-bhualaidh.