Beannaibh Mo Ghràidh

[Fonn / Tune]



O, 's éibhinn an sealladh leam beannaibh mo ghràidh
Ag éirigh suas thall ud 's a' gealladh dhomh fàilt';
Tha ceò air am barraibh mar thannasg a' snàmh,
Is fann-ghaoth an Earraich 'ga iomain gu fàil.

Tha iùbhrach na h-acfhuinn cur astair 'na déidh,
'S muir ghorm a' Chuain Rosaich dèanamh socair a ceum
G'am ghiùlan-sa dachaidh gu cladaichean réidh,
'S an fhaoileag bheag mhara 'gam fhair an an sgéith.

A fhraoch-bheannaibh corrach, àrd-mhonaidh is shliabh
A shlios nan creag sgorrach 's a choire nam fiadh,
Mar dhùbhlachd a' gheamhraidh do m'aigne bha riamh
Mur faicinn dibh sealladh, o, bheannaibh mo mhiann!

Tha tuireadh am buille na tuinn' air an tràigh;
Tha crònan na Lusa mar chumha do m'chàil;
Cha dàn dhomh bhi fuireach ach siubhal gun dàil,
O, slàn leis na h-uile, tha mulad 'nam dhàn!