Bhi 'Gan Cuimhneachadh 's 'Gan Ionndrainn
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Bhi 'gan cuimhneachadh 's 'gan ionndrainn,
Na fir ùra dh'fhalbh thar sàile;
Bhi 'gan cuimhneachadh 's 'gan ionndrainn.
'S ann Di-Luain a dh'fhalbh na fleasgaich,
'S ghabh iad an cead de'n càirdean.
'S gum b'e siud a' chuideachd rìoghail,
B'onoir iad dh'an tìr a dh'fhàg iad.
Caiptean Donnachadh, mac Mhic-Dhùghaill,
Leis an dh'fhalbh na fiùrain àluinn.
Mas e mac thu fhéin mar d'athair,
Dheanadh tu'n toirt dhachaidh sàbhailt'.
Anns gach gàbhadh agus cunnart,
'S mór an t-urram fhuair na Gàidheil.
Dh'fhàgadh iad na Goill gu h-ìosal,
Cuid 'n an sìneadh air am màgan.
Ogh' Iain Chiar a bha'n Dùn-Ollaich,
Rachadh togarrach 's na blàraibh.
'S o'n 's e Donnachadh làmh bu chruaidhe,
'S tric a fhuair e buaidh air nàmhaid.
'S tric a fhuair e buaidh le onoir,
'S ann tha'n cothrom aig an dràsd' orr'.
Le chuid ghillean sgairteil, gleusda,
Làidir, reubhairteach, neo-sgàthach.
Théid iad uile deas 'n an tarraing,
Grad mar dhealanach fo làmh-san.
'S geal an claidheamh 's an crios-guailne,
Dh'éireadh buaidh le sluagh mo ghràidh-sa.
'S ann Di-Luain a dh'fhalbh na gillean,
'S leam bu mhilis an deoch-slàinte.