Bràigh Loch Iall

[Fonn / Tune]



O théid 's gun téid,
O théid mi thairis
Gu innis nam bò,
Far an ceòlmhor ainnir.


[Séisd:]
Sil ò ro bha hò,
'S na hao ri ri iu o i,
Hoireann òg ù o i
O bha hò.


Gu innis nam bò
Far an ceòlmhor ainnir,
Gu Bràighe Loch Iall
Far 'm bi fiadh 'san langan.

Gu Bràighe Loch Iall
Far 'm bi fiadh 'san langan,
Is earbag nan stùc
Gu lùthmhor eangarr'.

Is earbag nan stùc
Gu lùthmhor eangarr',
A bhean an fhuilt rèidh
Guidheam fhéin dhuit mo bheannachd.

A bhean an fhuilt rèidh
Guidheam fhéin dhuit mo bheannachd.
Mo bheannachd ad dhéidh
O'n as fheudar bhith dealaicht'.