Buain Na Rainich

[Fonn / Tune]


[Séisd:]
Tha mi sgìth 's mi leam fhìn
Buain na rainich, buain na rainich;
Tha mi sgìth 's mi leam fhìn
Buain na rainich daonnan.


'S tric a bha mi fhìn 's mo leannan
Anns a' ghleannan cheòthar,
'G éisdeachd còisir bhinn an doire
Seinn sa' choille dhòmhail.

'S bochd nach robh mi leat a-rithist,
Sinn a bhitheadh ceòlmhor;
Rachainn leat gu cùl na cruinne
Air bhàrr tuinne seòladh.

Ciod am feum dhomh a bhith tuireadh?
Dé nì tuireadh dhomhsa,
'S mi cho fada o gach duine
B'urrainn tighinn gam' chòmhnadh?

Cul an tomain, bràigh an tomain,
Cul an tomain bhòidhich,
Cul an tomain, bràigh an tomain
H-uile latha nam ònar.