Buain An Dearcan Ris Na Spréidh
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Fàill ill ó ro bha hó,
Siubhal bheannta, ghleann is ghlacan,
Fàill ill ó ro bha hó,
‘Buain nan dearcan ris an spréidh.
Maduinn iuchar dhùisg iad mi,
‘S binn o phìoban “Mhicein Ghasda”.
‘S ann a dh’ùraich iad dhomh ris,
Nuair a bha mi ris an spréidh.
Dìreadh chnocan, tearnadh ghlacan,
Siubhal bheannta, ghleann is bhacan,
Aile ‘n fhraoich is gaoth a’ chreachainn,
‘Buain nan dearcan ris an spréidh.
Siod an tìr ‘san cinn na Gàidheil,
Seargaidh iad air sràidean Ghlascho,
Bhiodh iad làidir, lìonmhor, rathail,
‘Buain nan dearcan ris an spréidh.
Ach ‘s ann tha mi ‘n tìr nan Gall,
‘S ioma Gàidheal th’ann an airceis;
‘S ann bu chòir dhaibh a bhi thall
‘Buain nan dearcan ris an spréidh.