Cabar Féidh

[Fonn / Tune]



Deoch-slàint' chabair féidh seo
Gu h-eibhinn 's gur h-aighearach!
Gè fada bho thìr féin e,
Mhic Dhè greas g'a fhearann e;
Mo chrochadh 's mo cheusadh
A's m'éideadh mar mheala mi,
Mur ait leam thu bhi 'g éiridh
Le treun neart gach caraide!

Gur mise chunna' sibh gu gunnach,
Ealamh, ullamh, acuinneach;
Ruith nan Rothach 's math ur gnothach,
Thug sibh sothadh maidne dhaibh:
Cha deach Cataich' air an tapadh,
Dh'fhàg an neart le eagal iad,
Ri faicinn ceann an fhéidh ort
Nuair dh'èirich do chabar ort.

Be'n t-amadan fear Fòluis,
Nuair thòisich e cogadh riut;
Rothaich agus Ròsaich --
Bu ghòrach na bodaich iad;
Frisealaich agus Granndaich,
An càmpaichean stadadh iad;
'S thug Foirbeisich nan teann-ruith,
Gu seann taigh Chuilodair orr'.

Theich iad uile 's cha dh'fhuirich
An treas duine bh'aca-san;
An t-Iarla Catach ruith e dhachaidh --
Cha do las a dagachan;
Mac Aoidh nan creach gun thar e as,
'S ann dh'éigh e'n t-each a b'aigeannach,
Ri gabhal an ratreuta,
Nuair dh'èirich do chabar ort!