Cailleach Liath Ratharsaigh

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
'S e cailleach liath Ratharsaigh
'S na ceudan a' tathaich oirre,
Cailleach liath Ratharsaigh
Is cailleach reamhar Rònaigh. [x 2]


Cailleach dhubh nan cudaigean,
'S gur ioma fear a shluig thu dhiubh;
Cailleach dhubh nan cudaigean
Is cailleach luideach Rònaigh. [x 2]

Cailleach liath Shligeachain,
A' bhéist gur priobaid i;
Cailleach liath Shligeachain
Is cailleach chliobach mhór i. [x 2]