Càit’ An Caidil An Rìbhinn A-Nochd?
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
O càit’ an caidil an rìbhinn a-nochd?
O càit’ an caidil an rìbhinn?
Far an caidil luaidh mo chridhe,
Is truagh nach robh mi fhìn ann.
Tha ‘ghaoth a’ séideadh oirnn o’n deas,
Tha mise deas gu seòladh;
‘S nan robh thu leam air bhàrr nan stuadh,
A luaidh, cha bhithinn brònach.
Bha mi deas is bha mi tuath,
‘S gu tric air chuairt ‘sna h-Innsean,
‘S bean t-aogais riamh cha d’fhuair mi ann,
No samhladh do mo nigh’neag.
Cha tog fiodhall, ‘s cha tog òran,
‘S cha tog ceòl na pìoba,
‘S cha tog brìodal nigh’naig òig
Am bròn ‘tha ‘n diugh air m’inntinn.
‘S e dh’iarrainn riochd na h-eala bhàin
A shnàmhas thair a’ chaolais,
Is rachainn fhéin troimh thonnaibh breun
A chur an céill mo ghaol dhuit.