Canada, A Thìr An Aigh
[Fonn / Tune]
Canada, a thìr an aigh,
Tìr nan craobh, nan laoch 's a' ghràn;
Chan eil mais'air aghaidh nàduir,
Nach eil pàirt 'nad chòir dheth.
Chan aithne dhomh àit' a's àille,
Gheibhear ann na beanntan àrda,
Aibhnichean is lochan sàmhach,
'S glinn tha fàsmhor còmhnard.
'S iomadh buaidh a tha ri innseadh ort:
Thig an siùcair as a' chraoibh ann,
'S fhuair sinn suaicheantas ar tìr
'Na duilleig rìomhach bhòidheach.
Canada a thog na laoich,
Nach cuir cruadal gu leth-taobh;
'S iad nach d'fhalaich ann an cùil,
Nuair thàinig glaodh Rìgh Shèorais.
Dh'fhàg an tuathanach an crann,
Leig an cléireach sìos a pheann;
'S dh'fhalbh iad bhuainn fo'n airm dha'n Fhràing;
B'e 'n call nach d'thill na sheòl dhiubh.
Nuair ràinig na seoid ud thall,
Cuid dhuibh 'n éideadh tìr nam beann,
Thuirt an Kaiser mór le greann,
"Tha 'n t-àm bhi dol dha'n Olaind."
'S h-uile àite tha air an t-saoghal,
An téid Bratach Breatuinn a' sgaoileadh;
Bi 'n Canadach ri fhaotainn
'Gabhail taobh na còrach.
Nach e 'n Gearmailteach bha faoin
'N dùil gu'n ceannsaicheadh e 'n saogh'l;
'S tìr nan craobh is tìr an fhraoich,
Fuidh bhratach Rìgheil Sheòrais.
Bheir sinn cliù do Rìgh nan slògh,
Thug dha na cheartas a' bhuaidh;
'S guidheamaid na chaidh dha'n uaigh,
Thoir dhachaidh shuas an Glòir dhaibh.