Caol Muile

[Fonn / Tune]



Ged a shiubhal mi cian, b'e Caol Muile mo mhiann,
Cha d'éirich a' ghrian air nas bòidhch';
B'e siud caol mo ghràidh do'n d'thug mise bàidh,
O làithean mo leanabais is m'òig'.

O, b'àlainn leam riamh an caol ud ri feàth,
'S e 'g iadhadh mu bhuinn nam beann mór.
Chiteadh beanntanan àrd, is coilltean fo'n sgàil,
Nan àilleachd 'san sgàthan bha fòdhp'.

O'n bhirlinn gun tàmh chluinnteadh faram nan ràmh,
Na h-iorraim 's na dàin aig na seòid;
'S nuair a chasadh a' ghaoth, sin chìteadh na laoich
Le saod cur nan luingeas fo sheòl.

Ach, air dà thaobh a' chaoil, càit an-diugh bheil na daoin'?
Càite comunn mo ghaoil agus m'òig'?
Tha mo chaoimh-sa 'nan suain fo na tulaichean uain',
Far nach cluinn iad gàir cuain nas mò.