Ceud Soiridh, Soiridh Bhuam
[Fonn / Tune]
Ceud soiridh, soiridh bhuam,
Na é hó hao o hó,
Gu strath m'eòlais,
Na hì rì ri rì ó,
O hì ó 's a bhó ro ho,
E hó hao o ho.
'S chun na leitir bheag
Na é hó, [etc.]
Bharraich bhòidhich,
Na hì rì ri, [etc.]
Fàsaidh fochann ann,
Corc' is eòrna,
Fàsaidh peasair ann,
Fàsaidh ponair;
'S binn guth cuthaig' ann,
'S binn guth smeòraich,
'S binn guth na banchaig,
'S meanbh-chrodh òg roimhp',
'S binn guth a' bhuachaill'
'G ualach bhò ann;
'S chì mi am bàta
Falbh gu siùbhlach,
'S i dol timcheall
Rubh' an Dùnain,
'S e mo leannan-sa
Tha 'ga stiùireadh,
Deas-làmh cheanglas
'M ball, 's 'ga lùbadh.