Cha Bhi Mi Buan
[Sèisd:]
Cha bhi mi buan, 's tu bhi bhuam,
Thug mi luaidh òg dhut,
Cha bhi mi buan, 's tu bhi bhuam.
Chì mi 'm bàta 'dol seachad,
Muir a sgapadh mu bhòrdan.
Mur an deachaidh mi mearachd,
Bha mo leannan ga seòladh.
Bha mo leannan ga stiùireadh,
Oigfhear ùr a chùil bhòidheach.
Oigfhear ùr a chùil bhuidhe,
O' b'aithne dhomh òg thu.
'Se do bhòidichean fada,
'S d'ghaoil, a Lachlainn, a leòn mi.
Ach na faicinn thu tighinn
'S mi gu ruitheadh 'nad chòmhdhail.
'S mi gu ruitheadh 'na do choinneamh,
Air mo bhonnan gun bhrògan.
Ged bhiodh reòthadh glè chruaidh ann,
'S sneachda fuar air a' mhòine.