Chaidh Am Bàta Mach An Rudha

[Fonn / Tune]



Chaidh am bàta mach an Rudha,
'S i 'na siubhal fo làn aodaich.


[Séisd:]
Hóirean ó hai iù ó,
Hiùraibh ó ru 'g éile,
Hóirean ó hai iù o.


Chaidh am bàta mach an caolas,
'S tha mo ghaol oirr' mur do thréig e.

'S e mo leannan làmh 'ga stiùireadh,
Nuair a bhiodh muir cùil ag éirigh.

'S e mo leannan làmh 'ga feitheamh
'S e 'ga caitheamh mar a dh'fheumadh.

Cuir an stiùir an laimh an Leòdaich
Air mu shuarach stòp "Ghenever."

'S truagh nach robh mi fhéin 's mo leannan
Ann an slag 'sa Bheinn Eite.

Gun neach bhi oirnn am fagus
Ach eòin an adhair 'gar n-éisdeachd.

Cuach is cuthag is smeòrach
Nach aithris bun sgeòil d'a chéile.