Chailin Òig As Stiùramaiche
[Fonn / Tune]
Cailin mise, buachaill' thusa,
Chailin òig, a hù ra bhò hò,
Cailin mise, buachaill' thusa,
Chailin òig, as stiùramaiche.
B'fheàrrde banchaig buachaill aice,
Chailin òig, [etc.]
Ged nach dèan e ach falbh reimpe;
Chailin òig, [etc.]
Théid e mach san oidhche fhrasaich,
Chuireadh e na laoigh am fasgadh,
Ghabhadh e gu suanach aca.
Latha dhomh 's mi falbh an fhàsaich,
Thachair orm-sa an donn-bhean dhàna;
Shuidh sinn air cnoc, rinn sinn bànran;
Dh'iarr a' chailin nì nach b'fheudar --
Muileann air gach sruth an Éirinn,
Caisteal air gach cnocan gréineadh.
Chaidh mi dhachaidh 's laigh mi an là sin
'S thug mi bliadhna mhór is ràithe
Ann an teasach na plàghach.
Dh'éirich mi an ceann nan còig ràithean;
Thàinig ise, an donn-bhean dhàna,
Dhìrich i an staidhir a b'àirde,
Ghlac i ursann as gach làmh dhi,
Dh'fhoighneachd i gu dé mar bha mi.
"Tha mi gu bochd truagh mar 's àbhaist,
Olc le m'charaid, 's math le m' nàmhaid!"
'Ghràdh thu, b'fheàrr leam agam slàn thu!"
Chaidh mi mach air feadh na sràideadh,
Ghlac mi an caman, chuir mi pàm leis;
Ma chuir mi h-aon, chuir mi dhà leis.
Ach mur h-e gur bean mo mhàthair
'S gur h-e mo mhuime rinn m'àrach,
Dh'innsinn sgeul bheag air na mnài dhuibh:
Tha iad sgeigeil, bleideil, bàrdail,
'S an aigne mar ghaoth a' Mhàrta,
Mar uan Chéitein anns a' mhéilich,
Mar laogh féidh an déidh a mhàthar,
Mar mhuir a' lìonadh 's a' tràghadh,
Mar easgann an lodan làthchadh.