Chan e Caoidh Mhic Shiridh

[Fonn / Tune]



Chan e caoidh mhic Shiridh
Dh'fhàg an dil air mo ghruaidh.


Hu ò ro hu ò,
Horò ho hi-ò hi ò,
Hu ò ro hu ò.


Chan e caoidh mo leannain
Ged a dh'fhanadh e bhuam.

Ach a' caoidh mo bhràthar,
Chaidh a bhàthadh 'sa chuan.

'S duilich leam do chùl chlannaich
Bhith 'san fheamainn 'ga luadh.

'S duilich leam do gheal dheudan
Bhith 'gan reubadh 'sa chuan.

Tha do leabaidh gun chàradh
Anns an t-seòmar ud shuas.

Ach cha téid mi dha càradh
'S fhad o dh'fhàg thu i fuar.

'S tric mo shùil air a' rubha
Bho'n bhruthach ud shuas.

Feuch a faic mi seòl bréidgheal
Latha grianach 'sa chuan.