’S Cian Nan Cian Bho Dh’Fhàg Mi Leòdhas
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Fàili faile, fàili hóro,
Fàili faile, fàili hóro;
Fàili faile, fàili hóro,
‘S cian nan cian bho dh’fhàg mi Leòdhas.
Nuair a rinn am bàta gluasad
Leis na soluis ghorm’ is uaine,
Dh’fhàg sin m’inntinn trom fo ghruaimean
Siaban nan tonn uain’ ag éirigh.
Nuair a chuir iad suas na siùil rith’,
Dhùin an cadal mo shùilean,
Nuair a rinn mi rithist dùsgadh
B’fhad bha mi ‘s mo rùn bho chéile.
Càite, càite, càite an téid mi,
Nuair a laigheas grian mo chéitein?
Slighe cuain eadar mi ‘s m’eudail,
‘S iarguineach mo laighe ‘s m’éirigh.