Cò Nì Mire Rium?

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Ó hoireann ó, cò nì mire rium?
Hù hoireann ó, cò nì mire rium?
Ó hoireann ó, cò nì mire rium?


Cò nì sùgradh, cò nì ceanaltas,

Cò nì e, mur dean na gillean e?

Latha dhomh 's mi falbh nam fireachan,

Thachair orm a' ghruagach chinnealta,

Sgian bheag 'na làimh 's i buain biolaire

'S i buain eòintein an cois na linneadh ud;

Theann mi null is fhuair mi bruidhinn dhi,

'S dh'fhoighneachd mi gu dé bu chinneadh dhi?

'S thuirt i riumsa "tha ban-Siosalach".

Thuirt i rith' gum b'e mo chinneadh e,

Thuirt i rium "cha bhi mo thuras riut,

Gura Leathanach mo roghainn-sa,

Gun dèan Dòmhnullach mo choinneachadh."