Oran Do Chomunn Ghàidhlig Bhoston

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Suas i suas i, leis a' Ghàidhlig,
Suas i suas i, cainnt ar màthar;
Suas i suas i, leis a' Ghàidhlig,
Anns gach àit' is anns gach tìr.


Bho'n tha Beurla 'gam fhàgail màbach,
Nì mi duanach anns a' Ghàidhlig,
Do'n Chomunn a tha càirdeil,
Do gach Gàidheal a tha 'san tìr.

Far 'm bi pìobaireachd is òrain,
Dannsadh ceathrar air a' chòmhnard;
'S fidhleirean ag cumail ceòl ruinn,
Oganaich à Margaree.

Tha iad a Siùdaig agus Mabù,
Mira, Frambois, 's as gach ceàrn ann,
Saint Esprit 's ann a chaidh m'àrach,
Far robh na càirdean bàigheil, grinn.

Bho'n a dh'fhàg mi-fhìn an dùn ud,
'S iomadh latha bha mi tùrsach,
Nuair a chluinninn neach as ùr dhiubh
Bhi fo'n ùir 'na laidhe sìnt'.

Ged nach faic mi-fhìn na laoich ud,
Bho'n a dh'fhàg mi iad, 's mi tùrsach;
Chan e nach math leam, ach nach faod mi,
Aig cho daor 's a tha gach nì.

Bi mi tuilleadh tàmh 's na Stàitean,
Gus an claoidhear leis a' bhàs mi,
'S bi mi anns a' Chomunn Ghàidhlig,
Ge b'e àit' am freagair mi.

Nuair a bhios an Comunn còmhla,
Bi iad caoimhneil, càirdeil, òrdail;
Gu'm bi "Judique on the floor" ann,
Is an còrr cha bhi ag inns'.